pròiseact sònraichte
Seo barrachd fiosrachaidh mu phròiseact/iomairt anns a bheil Gàidheil Òga an sàs an-dràsta.
NaidheachdGheibhear Gaidheil Òga a-nis air an eadar-lion aig www.myspace.com/gaidheiloga Faodar beachdan fhàgail, bruidhinn air cuspairean freagarrach agus bruidhinn ri Gaidheil Òga air feadh an t-saoghail. Carson nach tadhail sibh oirnne?! An Comunn Gaidhealach a' cur taic ri Gaidheil ÒgaTha An Comunn Gaidhealach air taic oifigeil a chur ri Gaidheil
Òga bhon a bhith a’ bruidhinn gu poballach mun bhuidheann.
Thuirt Calum Iain MacLeòid, Àrd-oifigeir a' Chomuinn Ghaidhealaich,
"Ma tha sinn da-rireabh airson gum bidh ar cànan ann an staid làidir sa 21amh linn, tha obair mhòr air thoiseach air gach duine aig am bheil I agus aig am bheil ùidh innte. Gu sònraichte tha pàirt mhòr aig ar n-òigridh ri chluich san iomairt, oir is ann acasan a tha an spionnadh, na comasan sna cothroman gus dèanamh cinnteach gun cluinnear a’ Ghàidhlig ann an saoghal a tha gu mòr a’ tionndadh gu Beurla. Gus cuideachadh ar n-òigridh a thàladh chun chànan, tha e cudromach gun tèid gach dual de theicneòlas ùr a chleachdadh agus tha mi a’ cur meal-a-naidheachd, agus a’ guidhe gach soirbheachadh don Gàidheil Òga air an làrach-lìn dà-chànanach aca, www.gaidheiloga.org agus air an làrach-lìn www.myspace.com/gaidheiloga , a tha toirt cothrom do dh’ òigridh a bhi ann an conaltradh ri chèile air-loidhne." Tha An Comunn Gàidhealach na bhuidheann saor-thoileach a chaidh
a stèidheachadh anns an Òban ann an 1874 mar dhòigh
airson cànan is cultar nan Gaidheal a bhrosnachadh. Tha e a'
toirt misneachd do dhaoine a bhith a’ cleachdadh, a’ teagaisg
agus ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tha e ainmeil air feadh
an t-saoghail airson “Am Mòd Nàiseanta Rìoghail”
a tha e a’ ruith gach bliadhna. Faicibh www.ancomunn.co.uk
agus www.the-mod.co.uk
airson barrachd fiosrachaidh |