pròiseact sònraichte

Gaelic projects and campaigns 

Seo barrachd fiosrachaidh mu phròiseact/iomairt anns a bheil Gàidheil Òga an sàs an-dràsta.

faicibh tuilleadh >>

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Bonn-stèidh

Seo agaibh bonn-stèidh na buidhne anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla. Gheibhear amasan, riaghailtean agus fo-laghan Ghàidheil Òga an seo.

Gàidheil Òga – Bonn-stèidh

1. AINM
Bidh ‘Gàidheil Òga’ air a’ bhuidheann mar ainm.

2. MOTTO
Bidh “ Seo do chothrom, nach gabh thu e? ” mar mhotto air a’ bhuidheann.

3. AMASAN
Bidh a’ bhuidheann ag amas gus :
[a] a bhith na bhuidheann neo-eisimeileach a tha a’ riochdachadh nan Gàidheal Òga agus a’ cur am beachdan fa chomhair nam buidhnean Gàidhlig eile;
[b] a bhith a’ strì gus barrachd chothroman fhaighinn airson Gàidheil Òga;
[c] a bhith a’ cumail sùil gheur air mar a tha na Buidhnean Gàidhlig a’ cleachdadh an t-airgid a thathar a’ faighinn bhon Riaghaltas agus a’ cur ar beachdan thuca air seo;
[d] a bhith ag obair còmhla ri na buidhnean Gàidhlig eile gus amasan na buidhne an coileanadh;
[e] ìomhaigh na Gàidhlig a thogail mar chànan a tha fhathast freagarrach airson ginealaich òga;
[f] a bhith a’ strì gus toirt air an dà chuid buidhnean poblach agus prìobhaideach suim a ghabhail anns a’ Ghàidhlig;
[h] a bhith a’ cruthachadh chothroman dha Gàidheil Òga agus a’ cur stòras fiosrachaidh mun Ghàidhlig air dòigh dhaibh air loidhne.

4. BALLRACHD
[a] Bidh ballrachd fosgailte dha neach sam bith a bhruidhneas Gàidhlig eadar aois 16-30.
[b] Cosgaidh ballrachd sùim àraidh a thèid aontachadh leis a’ chomataidh aig a’ choinneimh bhliadhnail agus mairidh e airson bliadhna.
[c] ’S urrainn dhan a’ bhuidheann Ballrachd Urramach a thoirt dha neach sam bith a th’air saothair mhòr a dhèanamh as leth na buidhne no a th’air cliù a thoirt air a’ bhuidheann.

5. LUCHD-DREUCHD
Bidh na leanas mar luchd-dreuchd air a’ bhuidheann -
[a] An Ceann-suidhe, air am bi dleastanas tachartasan agus gnothaichean na buidhne a cho-òrdanachadh, a bhios a’ riochdachadh na buidhne agus a’ stiùireadh coinneamhan na buidhne.
[b] An Iar-cheann-suidhe, a bhios a’ cuideachadh a’ Chinn-suidhe len dleastanasan, agus a’ gabhail àite a’ Chinn-suidhe nuair nach eil e/ì an làthair.
[c] An Rùnaire, a bhios a’ cumail geàrr-chunntasan na buidhne, agus a’ sgrìobhadh as leth na buidhne
[d] An Ionmhasair, air am bi an t-uallach airson airgead is cunntasan na buidhne agus a bheir iomradh air suidheachadh ionmhais na buidhne nuair a thèid iarraidh orra leis a’ chomataidh no le ball den bhuidheann.
[e] An Rùnaire Ballrachd, a dh’fheumas fiosrachadh mionaideach a chumail air buill na buidhne.
[f] An t-Oifigear Iomairt, a bhios a’ co-òrdanachadh iomairtean as leth na buidhne agus a’ sgrìobhadh is a’ dèiligeadh ri litrichean timcheall air seo

6. OIFIGEIREAN URRAMACH
Faodaidh a’ bhuidheann na h-Oifigearan Urramach a leanas a thaghadh aig a' Choinneamh Bhliadhnail, dreuchdan a mhaireas airson bliadhna.
[a] Ceann-suidhe Urramach.
[b] Bàrd Urramach, a bheir pìos bàrdachd no rosg Gàidhlig dhan bhuidheann rè ùine/a h-ùine san dreuchd.

7. A’ CHOMATAIDH
[a] Thèid gnothaichean agus tachartasan na buidhne a stiùireadh le comataidh air am bi luchd-dreuchd na buidhne.
[b] Bidh cumhachdan co-roghainn no-chrìochnaichte aig a’ chomataidh.
[c] Mairidh buill na comataidh san dreuchd chun na h-ath Choinneimh Bhliadhnail, ùine a mhaireas bliadhna.
[d] Feumar a’ mhòr-chuid den Chomataidh airson àireamh-riaghailteach a dhèanamh.

8. COINNEAMHAN CHOITCHEANN
[a] Thèid Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail a chumail air latha freagarrach anns an t-Sultain
Aig a’ choinneimh seo...
[i] cuiridh gach ball den chomataidh aithisg mu choinneamh a’ chòrr den luchd-dreuchd agus thèid beachdachadh a dhèanamh air;
[ii] thèid Luchd-dreuchd is Oifigearan Urramach airson na h-ath bhliadhna an taghadh;
[iii] ’s urrainnear Ballrachd Urramach a thabhann dha neach a-rèir Artaigil 6;
[iv] ’s urrainnear beachdachadh a dhèanamh is bhòt a chumail air atharrachadh sam bith air a’ bhonn-stèidh; agus
[v] ’s urrainnear dèiligeadh ri gnothaich iomchaidh sam bith eile.
[b] ’S urrainn dhan a’ Cheann-suidhe, a’ chomataidh, no co-dhiù sianar bhall le iarrtas sgrìobhte, Coinneamh Choitcheann Shònraichte iarraidh; fhads a tha iad ag innse carson a tha iad airson a chumail. ’S urrainnear dèiligeadh ri gnothaich iomchaidh sam bith eile aig coinneamh den t-seòrsa seo cuideachd.
[c] Gheibh buill na buidhne fios ag innse àm, ceann-latha, àite agus clàr-obrach Coinneamh Choitcheann sam bith co-dhiù seachdain ro làimh tron phost-dealain aca.
[d] Aig Coinneamh Choitcheann sam bith, bidh 11 ball àbhaisteach, le neach nach eil air a’ chomataidh, a’ dèanamh an àirde àireamh riaghailteach.
[e] Chan eil còir bhòtaidh aig na coinneamhan ach aig buill na buidhne.

9. FO-LAGHAN
’S urrainn dhan a’ bhuidheann fo-laghan a tha riatanach airson mathas na buidhne a dhèanamh aig Coinneamh Choitcheann.

10. DOL-A-MACH NAN COINNEAMHAN
Thèid a h-uile coinneamh a’ chumail anns a’ Ghàidhlig

11. ATHARRAICHEAN AIR A’ BHONN-STEIDH
[a] Cha tèid am bonn-stèidh atharrachadh ach aig Coinneamh Choitcheann, far a bheil dà thrian de na tha an làthair agus airidh air bhòtadh a’ dol leis a’ mholaidh.
[b] Bu chòir dha atharrachadh sam bith a’ bhith air a’ mholadh is aontachadh ris le co-dhiù dà bhall den bhuidheann agus a’ bhith air a thoirt seachad ann an sgrìobhadh dhan Cheann-suidhe co-dhiù 15 làithean ron a’ Choinneamh Choitcheann iomchaidh. Cuiridh an Ceann-suidhe atharrachadh sam bith a thèid a mholadh an cois fiosrachadh brath coinneimh a tha ag innse dha buill mu chlàr-obrach na Coinneimh Coitcheann.

FO-LAGHAN

1. Bidh an Ceann-suidhe ag obair mar neach-cathrach aig coinneamhan na buidhne, an Iar Cheann-suidhe na (h-)àite, an Rùnaire nan àite-san, an Ionmhasair mura h-eil iad sin an làthair agus an uairsin an Rùnaire Ballrachd.

2. Bidh co-dhùnadh a’ Cheann-suidhe na dhearbhadh air puingean òrduigh agus an tuigse a th’aig an luchd-dreuchd air bonn-stèidh na buidhne.

3. Bidh bhòta meòrachaidh agus cumhachdach aig a’ Cheann-suidhe.

4. Feumaidh a’ Chomataidh breithneachadh is beachdachadh a dhèanamh air gach litir no tachartas a thèid a sgrìobhadh/chumail às leth na buidhne gus an tèid aonta a ruighinn. Tha cumhachd aig a’ Chomataidh gus ball den bhuidheann a tha a’ briseadh na riaghailte seo a pheanasachadh.

5. Faodar aig Coinneamh Choitcheann, fhads a tha co dhiù a’ chuid is motha de na buill ga frithealadh, ball sam bith a pheanasachadh a th’air rudeigin a dhèanamh a tha, nam beachd, a’ dol an aghaidh amasan na buidhne, a’ toirt droch ainm air a’ bhuidheann no a’ dol an sàs ann an rudan as leth na buidhne a tha a’ dol an aghaidh amasan na buidhne.

6. Thèid neach sam bith a gheibh peanas tri turais a thilgeil a-mach às a’ bhuidheann gun a bhith airidh air ballrachd fhaighinn tuilleadh.

7. Thèid sgrùdadh a dhèanamh air cunntasan na buidhne le dithis den luchd-dreuchd a bharrachd air an Ionmhasair mus tèid an toirt seachad aig a’ Choinneamh Bhliadhnail.

8. Chan urrainnear dèanamh às le Fo-lagh sam bith gun aonta fhaighinn bho dà thrian de na buill àbhaisteach a tha an làthair agus a’ bhòtadh.