pròiseact sònraichte

Gaelic projects and campaigns 

Seo barrachd fiosrachaidh mu phròiseact/iomairt anns a bheil Gàidheil Òga an sàs an-dràsta.

faicibh tuilleadh >>

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

A’ Chomataidh

Ceann-suidhe - Steven Greumach

Ceann-suidhe- Steven Greumach’S ann à Barabhas ann an Eilean Leòdhais a tha Steven Greumach. Eadar 2001 agus 2005 bha e na oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu far an do thug e a-mach ceum MA(Hons) ann an Matamataig agus Ceiltis. Tha e na bhall den bhuidheann stiùiridh airson Plana Cànain nan Eilean Siar, na bhall de chomataidh Thaigh Dhonnchaidh agus chleachd dha a bhith na cheann-suidhe agus na iar-cheann-suidhe air Comann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu. Tha e ag obair airson Comunn na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh far a bheil e ag obair air na diofar sgeamaichean a tha CnaG a' ruith dha oileanaich le Gàidhlig

Iar-cheann-suidhe agus Oifigeir nam Meadhanan - Joy Dunlop

Iar-cheann-suidhe agus Oifigeir nam Meadhanan - Joy Dunlop‘S ann às a’ Chonghail ann an Earraghaidheal a tha Joy agus tha ùidh mhòr air a bhith aice ann an cànan agus cultar na Gàidhlig bhon a bha I òg, fiù ‘s mus robh facal Gàidhlig na beul! Cheumnaich I bho Shabhal Mòr Ostaig ann an 2004 le ceum le urram ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus cuideachd chaidh Duais Chuimhneachaidh Anna NicDhonnchaidh a thoirt dhi. Tha i an-dràsta na h-oifigeir leasachaidh Gàidhlig dhan Chomunn Ghàidhealach ann an Earraghaidheal agus Bòid far a bheil i a’ feuchainn ri Gàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh sa sgìre. A bharrachd air seo, tha ùidh mhòr aice ann an ceòl agus òrain na Gàidhlig agus chì sibh gu tric i a’ seinn agus a’ dannsadh air feadh na h-Alba.

Iar-cheann-suidhe agus Oifigeir nam Meadhanan - Joy DunlopRùnaire - Lorna NicDiarmaid

‘S ann as an Eilean Sgitheanach a tha Lorna, bho theaghlach Gàidhlig agus tha I ag obair an-dràsta do Comhairle nan Sgoiltean Àraich anns a’ Ghaidhealtachd. Chuir i seachad ùine aig Sabhal mòr Ostaig mus deach i gu CNSA agus nuair nach eil I a’ siubhal air feadh na dùthcha tha i trang a’ coimhead as dèidh an nighean bheag aice Rhona.

 

Oifigeir Làrach-Lìn - Calum Iain Bartlett

Oifigeir Làrach-Lìn- Calum Iain BartlettChaidh Calum Iain Paterson Bartlett a bhreith ann an Lunnainn gu màthair bho Leòdhas agus athair bho Sasainn (le athair fhèin 'o Barraigh). Chaidh a thogail ann an Lunnainn gus an robh è trì bliadhna a dh’aois, anns a’ Ghall-Gaidhealtachd gus an robh e 5 agus chuir e seachad a’ chòrr de bheatha ann an seann thaigh a sheanair ann am Brù, taobh Siar Leòdhais. An dèidh dha sgoil fhàgail chaidh è gu Oilthigh Ghlaschu a dhèanamh Neuroscience ach dh'fhàg è an dèidh bliadhna. Chuir è an uairsin seachad bliadhna ag obair ann an Leòdhas mus do ghluais è gu Sasainn agus mu dheireadh gu Lunnainn mar oileanach aig Oilthigh Lunnainn, Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga, far a bheil è a’ dèanamh Eachdraidh.

Oifigeir Iomairtean - Daibhidh Rothach

Oifigeir Iomairtean- Daibhidh RothachRugadh agus thogadh Daibhidh Rothach ann an Siorrachd Air. An dèidh sgoil fhàgail, dh’ ionnsaich e cèard mar innleadair ann am Baile Beithe. Rinn e seo airson còig bliadhnaichean uile gu lèir, agus chuir e seachad bliadhna ann an Venlo-Blerick, baile ann an ceann-deas na h-Olaind. Chaidh e gu Oilthigh Glaschu airson Gàidhlig ionnsachadh ann 2002 agus bidh e a’ ceumnachadh am bliadhna.

Tha ùidh aige ann am bàrdachd, litreachas agus mar cur-seachad, bidh e ag ionnsachadh airson triathlon aig ìre neo-dhreuchdail agus a’ sreap.