pròiseact sònraichte

Gaelic projects and campaigns 

Seo barrachd fiosrachaidh mu phròiseact/iomairt anns a bheil Gàidheil Òga an sàs an-dràsta.

faicibh tuilleadh >>

Fios bhuainn

Cuiribh ur n-ainm air an liosta gus am faighear fiosrachadh mu adhartas na buidhne

Ceud Mile Failte!

 

 

 

 

 

 

welcome to Gàidheil Òga

Scottish GaelsTha Gàidheil Òga na bhuidheann neo-eisimeileach a tha a' riochdachadh Ghàidheil Òga bhon t-saoghal air fad. Tha a' bhuidheann seo a' toirt cothrom dha daoine òga eadar 16-30 am beachdan mu shuidheachadh na Gàidhlig a thogail gu ìre glè àrd. Le bhith ag obair còmhla, tha sinn a' strì gus piseach a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig is inbhe a' chànain a thogail mar chànan a tha an-diugh cheart cho freagarrach dha daoine òga 's a bha e a-riamh.

the language of Scotland

independent Gaelic Speaking organisationChaidh a’ bhuidheann seo a stèidheachadh aig cò-labhairt a chaidh a chumail airson Gàidheil òga le Comunn na Gàidhlig anns an Aghaidh Mhòir anns an Lùnasdal 2005. Bhathar a’ beachdachadh air suidheachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd agus bha gach neach a bha an làthair den bheachd gun robh cruaidh fheum air buidheann a bha a’ riochdachadh dhaoine le Gàidhlig eadar aois 16-30. Chuir còignear Ghàidheil Òga a bha an làthair romhpa, a’ bhuidheann seo a chur air chois gu saor thoileach agus mar sin, ’s e a th’ agaibh an seo ach toradh a’ cho-labhairt.

Tha an làrach seo a’ toirt dhuibh cothrom gus ur beachdan a thoirt air cuspairean eadar-dhealaichte agus deasbad a dhèanamh air an t-slighe air adhart. Seo ur cothrom, nach gabh sibh e?